Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 26:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Udsiah, an toiseach agus mu dheireadh, sgrìobh Isaiah am fàidh, mac Amois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e Eliacim, a bha os cionn an taighe, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le sac-aodach gu Isaiah am fàidh, mac Amois.

A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear-seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amasiah, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil?

Agus chaidil Udsiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am magh àit-adhlacaidh nan rìghrean: oir thubhairt iad, Tha e na lobhar. Agus rìghich Iotam a mhac na àite.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear-seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait?

Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah.

Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan