Anns an àm sin choisinn Resin rìgh Shiria Elat air ais do Shiria, agus dh’fhògair e na h‑Iùdhaich à Elat; agus thàinig na Sirianaich do Elat, agus ghabh iad còmhnaidh ann gus an là‑an‑diugh.
Agus ghlac Iòas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah mac Iòais, mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thug e e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim, o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.
Sia-bliadhna-deug a dh’aois bha Udsiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecoliah o Ierusalem.