Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 26:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e ann an Ierusalem innealan-cogaidh, a dhealbhadh le daoine ealanta, gu bhith air na tùir agus air oisnean nam ballachan, a thilgeadh shaighead agus chlach mòra leo; agus chaidh a ainm a‑mach an cèin, oir b’iongantach an dòigh air an do chuidicheadh leis gus an d’fhàs e cumhachdach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Mac mnà de nigheanan Dhain, agus a athair na dhuine o Thìrus, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, ann an umha, ann an iarann, ann an cloich, agus ann am fiodh, ann an corcar, ann an gorm, agus ann an anart grinn, agus ann an dearg; agus air gearradh gach gnè gearraidh, agus air dealbhadh gach nì innleachdaich a chuirear fa chomhair, maille rid dhaoine ealanta-sa, agus daoine ealanta mo thighearna, Daibhidh d’athair.

A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair.

Agus dheasaich Udsiah air an son, eadhon don fheachd uile, targaidean, agus sleaghan, agus clogaidean, agus lùirichean, agus boghachan, agus croinn-tabhaill a thilgeadh chlach.

Ach nuair a dh’fhàs e cumhachdach, thogadh a chridhe suas a‑chum aimhleis, agus pheacaich e an aghaidh an Tighearna a Dhia: oir chaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, a losgadh tùise air altair na tùise.

A dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha,

Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.

Faicibh am measg nan cinneach, agus amhaircibh, agus gabhaibh iongantas gu mòr: oir nì mise obair nur làithean, nach creid sibh ged innsear i dhuibh.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

A‑mhàin na craobhan as aithne dhut fhèin nach craobhan bìdh iad, sgriosaidh agus gearraidh tu sìos iad; agus togaidh tu daingnichean an aghaidh a’ bhaile a chogas riut, gus an ceannsaich thu e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan