2 Eachdraidh 26:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus fon làimh-san bha armailt, trì cheud mìle agus seachd mìle agus còig ceud, a dhèanadh cogadh le treun neart, a chuideachadh leis an rìgh an aghaidh an nàmhaid. Faic an caibideil |
Uime sin thubhairt e ri Iùdah, Togamaid na bailtean seo, agus dèanamaid mun cuairt orra ballachan, le tùir, geatachan, agus crainn, nuair a tha an tìr fhathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearna ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog e iad, agus shoirbhich leo.
Agus chruinnich Amasiah Iùdah ri chèile, agus rinn e iad, a rèir taigh an athraichean, nan ceannardan mhìltean agus nan ceannardan cheud, ann an Iùdah agus ann am Beniàmin uile; agus ghabh e an àireamh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann dhiubh trì cheud mìle fear taghte, a rachadh a‑mach gu cath, a làimhsicheadh sleagh agus sgiath.