Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 26:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Le làimh do theachdairean mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a chraobhan seudair as àirde, agus rogha a chraobhan giuthais, agus thèid mi a‑steach do àitean-tàimh a chrìche, frìth a Charmeil.

Agus bha Mesa rìgh Mhòaib na shealbhadair chaorach, agus dh’ìoc e do rìgh Israeil ceud mìle uan, agus ceud mìle reithe len olainn.

Agus dh’fhàs Iehosaphat gu h‑anabarrach mòr: agus thog e ann an Iùdah caistealan agus bailtean-ionmhais.

Agus bha mòran obrach aige ann am bailtean Iùdah, agus fir-chogaidh, daoine comasach gaisgeil ann an Ierusalem.

Bha aig Udsiah mar an ceudna armailt de dhaoine a dhèanadh cogadh, a rachadh a‑mach gu cath nam buidhnean, a rèir uibhir an àireimh, le làimh Ieieil an sgrìobhaiche, agus Mhaaseiah am fear-riaghlaidh, fo làimh Hananiah aon de uachdarain an rìgh.

Agus rinn e dha fhèin bailtean: agus bha sealbh chaorach agus buar aige ann am pailteas, oir thug Dia dha maoin ro‑mhòr.

Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr-roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.

Nach tamall ro‑bheag fòs gus an dèanar Lebanon na fhearann torrach, agus gus am measar am fearann torrach mar fhrìth?

Bailtean a’ chòmhnaird uile, agus Gilead uile, agus Basan uile, gu Salcha agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan:

Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah,

Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan