Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 26:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh sluagh Iùdah uile Udsiah, agus e sia-bliadhna-deug a dh’aois, agus rinn iad e na rìgh an àit a athar Amasiah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Anns an dara bliadhna de Iehoas mac Iehoahais rìgh Israeil, rìghich Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah.

Agus ghabh sluagh Iùdah uile Asariah, agus e sia-bliadhna-deug a dh’aois, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar Amasiah.

Amasiah a mhac-san, Asariah a mhac-san, Iotam a mhac-san,

Agus rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah, a mhac a b’òige, na rìgh na àite: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h‑Arabaich don champ na mic a bu shine uile. Agus rìghich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah.

Agus thug iad leo air eich e, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh.

Thog esan Elat, agus dh’aisig e e do Iùdah, an dèidh don rìgh cadal maille ra athraichean.

Ach mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite.

Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah.

Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil.

Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith-thalmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan