Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thàinig duine le Dia da ionnsaigh, ag ràdh, A rìgh, na rachadh armailt Israeil maille riut: oir chan eil an Tighearna maille ri Israel, eadhon maille ri cloinn Ephraim uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an Tighearna Nàtan a dh’ionnsaigh Dhaibhidh; agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd.

Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus, feuch, thàinig duine le Dia à Iùdah le facal an Tighearna gu Betel: agus bha Ierobòam na sheasamh làimh ris an altair, a’ losgadh tùise.

Agus thubhairt ise ra fear, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur duine naomh le Dia e seo, a tha a’ gabhail seachad oirnn cho tric.

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Thuarasdalaich e mar an ceudna à Israel ceud mìle fear comasach gaisgeil air ceud tàlann airgid.

Tha Ephraim, mar a chunnaic mi Tìrus, air a shuidheachadh ann an ionad taitneach: ach bheir Ephraim a‑mach a chlann don fhear-mhillidh.

Ach thusa, O òglaich Dhè, teich o na nithean sin: agus lean fìreantachd, diadhachd, creideamh, gràdh, foighidinn, ceannsachd.

A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan