Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnich Amasiah Iùdah ri chèile, agus rinn e iad, a rèir taigh an athraichean, nan ceannardan mhìltean agus nan ceannardan cheud, ann an Iùdah agus ann am Beniàmin uile; agus ghabh e an àireamh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann dhiubh trì cheud mìle fear taghte, a rachadh a‑mach gu cath, a làimhsicheadh sleagh agus sgiath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Daibhidh a chomhairle riùsan a bha os cionn mhìltean agus cheud, ris gach uile cheannard.

A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd-riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir-mìle-fichead fear.

Agus nuair a thàinig Rehobòam gu Ierusalem, chruinnich e de thaigh Iùdah agus Bheniàmin ceud agus ceithir-fichead mìle fear taghte, dèante ri cogadh, a chogadh an aghaidh Israeil, a‑chum an rìoghachd a thoirt a‑rìs gu Rehobòam.

Uime sin thubhairt e ri Iùdah, Togamaid na bailtean seo, agus dèanamaid mun cuairt orra ballachan, le tùir, geatachan, agus crainn, nuair a tha an tìr fhathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearna ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog e iad, agus shoirbhich leo.

Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil.

Thuarasdalaich e mar an ceudna à Israel ceud mìle fear comasach gaisgeil air ceud tàlann airgid.

Agus fon làimh-san bha armailt, trì cheud mìle agus seachd mìle agus còig ceud, a dhèanadh cogadh le treun neart, a chuideachadh leis an rìgh an aghaidh an nàmhaid.

Agus thagh Maois daoine foghainteach a‑mach a Israel uile, agus rinn e iad nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.

O fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel, àirmhidh tusa agus Aaron iad a rèir am buidhnean.

Agus gan cur nan ceannardan dha fhèin air mhìltean, agus nan ceannardan air lethcheudan, agus a threabhadh a fhearainn, agus a bhuain a fhoghair, agus a dhèanamh innealan-cogaidh air a shon, agus innealan airson a charbad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan