Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach an clann cha do mharbh e, a rèir mar tha e sgrìobhte anns an lagh ann an leabhar Mhaois, far an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean; ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich Amasiah Iùdah ri chèile, agus rinn e iad, a rèir taigh an athraichean, nan ceannardan mhìltean agus nan ceannardan cheud, ann an Iùdah agus ann am Beniàmin uile; agus ghabh e an àireamh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann dhiubh trì cheud mìle fear taghte, a rachadh a‑mach gu cath, a làimhsicheadh sleagh agus sgiath.

An t‑anam a chiontaicheas, gheibh esan bàs: cha ghiùlain am mac aingidheachd an athar, cha mhò a ghiùlaineas an t‑athair aingidheachd a’ mhic: bidh fìreantachd an fhìrein air fhèin, agus aingidheachd an aingidh air fhèin.

Feuch is leamsa na h‑uile anaman; mar as leam anam an athar, is amhlaidh is leam anam a’ mhic: an t‑anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs.

Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson na cloinne, cha mhò a chuirear a’ chlann gu bàs airson nan athraichean: cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan