Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoais a rinn e, agus a thrèine, agus mar a chog e ri Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear-seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear-seallaidh,
A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann am briathran Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar rìghrean Israeil.
Ach on àm anns an do thionndaidh Amasiah o leantainn an Tighearna, rinn iad ceannairc na aghaidh ann an Ierusalem, agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine na dhèidh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iotaim, agus a chogaidhean uile, agus a shlighean, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoiacim, agus a ghràinealachdan a rinn e, agus na fhuaireadh ann, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah. Agus rìghich Iehoiachin a mhac na àite.