Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac Iòas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah mac Iòais, mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thug e e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim, o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus ghlac Iehoas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah, mac Iehoais mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thàinig e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.

Agus thàinig iad a‑nìos gu Iùdah, agus bhris iad a‑steach innte, agus thug iad leo a’ mhaoin uile a fhuaireadh ann an taigh an rìgh, agus mar an ceudna a mhic agus a mhnathan; air chor is nach d’fhàgadh mac aige ach Ahasiah a mhac a b’òige.

Agus rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah, a mhac a b’òige, na rìgh na àite: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h‑Arabaich don champ na mic a bu shine uile. Agus rìghich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah.

Agus thill e gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug iad dha ann an Ramah, nuair a chòmhraig e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria. Agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn.

Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus thog Udsiah tùir ann an Ierusalem aig geata na h‑oisne, agus aig geata a’ ghlinne, agus aig an oisinn, agus dhaingnich e iad.

Agus dhaingnich e e fhèin, agus thog e am balla uile a chaidh a bhriseadh, agus chuir e suas tùir air, agus balla eile air an taobh a‑muigh, agus dhaingnich e Milo, baile Dhaibhidh, agus rinn e gathan agus targaidean ann am pailteas.

Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon.

Agus aig ceann na bliadhna chuir rìgh Nebuchadnesar daoine uaithe, agus thug e do Bhàbilon e, maille ri soithichean taitneach taigh an Tighearna; agus rinn e Sedeciah a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem.

Na aghaidh-san thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos, agus cheangail e ann an geimhlean umha e, a‑chum a thoirt do Bhàbilon.

Agus o thaobh shuas geata Ephraim, agus os cionn an t‑seana gheata, agus os cionn geata an èisg, agus tùr Hananeeil, agus tùr Mheah, gu ruig geata nan caorach; agus sheas iad ann an geata a’ phrìosain.

Agus chaidh an sluagh a‑mach, agus thug iad leo iad, agus rinn iad dhaibh fhèin pàilleanan, gach fear air mullach a thaighe, agus nan cùirtean, agus ann an cùirtean taigh Dhè, agus ann an sràid geata an uisge, agus ann an sràid geata Ephraim.

Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach.

Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram.

Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an togar a’ chathair airson an Tighearna, o thùr Hanameeil gu geata na h‑oisne.

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa a tha a chòmhnaidh ann an sgoltaidhean nan creag, ann ad chòmhnaidh àird; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Cò a bheir a‑nuas mi a‑chum an làir?

Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan