Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh gairm air feadh an t‑slòigh mu laighe na grèine, ag ràdh, Gach fear da bhaile, agus gach fear da thìr fhèin.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iòais, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine leis an do chog e an aghaidh Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?

Uime sin chaidh Iòas rìgh Israeil suas, agus chunnaic e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah aghaidh a chèile aig Bet-semes, a bhuineas do Iùdah.

Agus ghlac Iòas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah mac Iòais, mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thug e e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim, o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.

Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich-mìle-fichead coisiche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan