Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin chaidh Iòas rìgh Israeil suas, agus chunnaic e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah aghaidh a chèile aig Bet-semes, a bhuineas do Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iòais, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine leis an do chog e an aghaidh Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?

Ach cha d’èisd Amasiah ris; oir bha e o Dhia an toirt thairis na làimh, a chionn gun d’iarr iad an dèidh diathan Edoim.

Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:

Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet-semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin.

Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan