2 Eachdraidh 25:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a bha e a’ labhairt ris, fhreagair esan e, An do rinneadh thusa ad chomhairliche don rìgh? Leig dhìot; carson a bhiodh tu air do bhualadh? Agus leig am fàidh dheth, agus thubhairt e, Tha fhios agam gun do shònraich Dia air do sgrios, a chionn gun do rinn thu seo agus nach d’èisd thu rim chomhairle-sa. Faic an caibideil |
Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.