Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e da ionnsaigh fàidh, a thubhairt ris, Carson a dh’iarr thu an dèidh diathan an t‑sluaigh, nach b’urrainn an sluagh fhèin a shaoradh as do làimh-sa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Ach rinn Elièser, mac Dhodabhah o Mharesah, fàistneachd an aghaidh Iehosaphait, ag ràdh, A chionn gun do rinn thu coicheangal ri Ahasiah, bhris an Tighearna d’obraichean. Agus bhriseadh na longan, agus cha b’urrainn iad dol gu Tarsis.

Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.

Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.

Agus nuair a bha e a’ labhairt ris, fhreagair esan e, An do rinneadh thusa ad chomhairliche don rìgh? Leig dhìot; carson a bhiodh tu air do bhualadh? Agus leig am fàidh dheth, agus thubhairt e, Tha fhios agam gun do shònraich Dia air do sgrios, a chionn gun do rinn thu seo agus nach d’èisd thu rim chomhairle-sa.

Ach thàinig duine le Dia da ionnsaigh, ag ràdh, A rìgh, na rachadh armailt Israeil maille riut: oir chan eil an Tighearna maille ri Israel, eadhon maille ri cloinn Ephraim uile.

Ach bha fàidh leis an Tighearna an sin dam b’ainm Oded, agus chaidh e a‑mach am fianais an t‑slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, ri Iùdah, thug e thairis iad nur làimh-se agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh.

Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach, ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.

Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.

Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.

Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut.

Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?

Agus bidh nàire air Mòab de Chemos, mar a bha nàire air taigh Israeil de Bhetel am muinghinn.

Ach tha mi ag ràdh, na nithean a tha na Cinnich ag ìobradh, gur ann do dheamhain a tha iad gan ìobradh, agus nach ann do Dhia: agus cha b’àill leam comann a bhith agaibhse ri deamhain.

Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.

Agus thubhairt esan, Mo dhiathan a rinn mi thug sibh leibh, agus an sagart, agus dh’fhalbh sibh romhaibh; agus ciod a tha agamsa tuilleadh? Agus ciod e seo a tha sibh ag ràdh riu, Ciod a tha a’ teachd riut?

Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd-àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan