Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis an dèidh do Amasiah teachd o àr nan Edomach, thug e leis diathan chloinn Sheir, agus chuir e suas iad dha fhèin mar dhiathan, agus chrom e e fhèin sìos romhpa, agus loisg e tùis dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàg iad an sin an dealbhan, agus loisg Daibhidh agus a dhaoine iad.

An sin chuir Amasiah teachdairean a dh’ionnsaigh Iehoais mhic Iehoahais mhic Iehu, rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, seallamaid air a chèile anns an aghaidh.

Ach bhris fir na h‑armailt a chuir Amasiah air an ais, a‑chum nach rachadh iad maille ris gu cath, a‑steach air bailtean Iùdah, o Shamaria eadhon gu ruig Bet-horon, agus bhuail iad trì mìle dhiubh, agus thug iad leo creach mhòr.

Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, ach cha b’ann le cridhe iomlan.

Oir dh’ìobair e do dhiathan Dhamascais a bhuail e, agus thubhairt e, A chionn gun cuidich diathan rìghrean Shiria leo, ìobraidh mise dhaibh a‑chum gun cuidich iad leamsa: ach is ann a bha iad nan adhbhar sgrios dha fhèin, agus do Israel uile.

Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.

An sin bidh e aig duine a‑chum a losgadh; agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fhèin; seadh, cuiridh e teine ris, agus deasaichidh e aran; seadh, nì e dia, agus bheir e adhradh dha; nì e dealbh snaidhte dheth, agus cromaidh e sìos dha.

Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe?

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh.

Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.

Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan