Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus deich mìle dhiubh ghlac clann Iùdah beò, agus thug iad leo iad gu mullach carraig, agus thilg iad sìos iad o mhullach na carraig, agus bhriseadh iad gu tur.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus chuir e iad fo shàbhan, agus fo innealan-bualaidh iarainn, agus fo thuaghan iarainn, agus thug e orra dol tro àth nan clachan-creadha; agus mar seo rinn e ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem.

Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus gheàrr e iad le sàibh, agus le innealan-bualaidh iarainn, agus le tuaghan: agus mar seo bhuin Daibhidh ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem.

Agus a‑nis, feuch, clann Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir; cha do leig thu le Israel dol tron crìochan, nuair a thàinig iad à tìr na h‑Eiphit, ach thionndaidh iad uapa, agus cha do sgrios iad iad;

Agus neartaich Amasiah e fhèin, agus thug e a‑mach a shluagh, agus chaidh e gu gleann an t‑salainn, agus bhuail e de chloinn Sheir deich mìle.

Ach bhris fir na h‑armailt a chuir Amasiah air an ais, a‑chum nach rachadh iad maille ris gu cath, a‑steach air bailtean Iùdah, o Shamaria eadhon gu ruig Bet-horon, agus bhuail iad trì mìle dhiubh, agus thug iad leo creach mhòr.

Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e da ionnsaigh fàidh, a thubhairt ris, Carson a dh’iarr thu an dèidh diathan an t‑sluaigh, nach b’urrainn an sluagh fhèin a shaoradh as do làimh-sa?

Nuair a thilgear sìos am britheamhan ann an ionadan clachach, èisdidh iad rim bhriathran, oir tha iad milis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan