Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 25:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus neartaich Amasiah e fhèin, agus thug e a‑mach a shluagh, agus chaidh e gu gleann an t‑salainn, agus bhuail e de chloinn Sheir deich mìle.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair Daibhidh ainm dha fhèin, nuair a thill e o bhualadh nan Edomach ann an gleann an t‑salainn, ochd-mìle-deug fear.

Bhuail e de Edom ann an gleann an t‑salainn deich mìle, agus ghlac e Selah anns a’ chogadh, agus thug e Iocteel mar ainm air gus an là‑an‑diugh.

An sin sgaoil Amasiah iadsan den armailt a thàinig da ionnsaigh à Ephraim, a‑chum gun rachadh iad dan àite fhèin. Agus las am fearg gu mòr an aghaidh Iùdah, agus thill iad dan àite fhèin ann an corraich mhòir.

Agus deich mìle dhiubh ghlac clann Iùdah beò, agus thug iad leo iad gu mullach carraig, agus thilg iad sìos iad o mhullach na carraig, agus bhriseadh iad gu tur.

Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e da ionnsaigh fàidh, a thubhairt ris, Carson a dh’iarr thu an dèidh diathan an t‑sluaigh, nach b’urrainn an sluagh fhèin a shaoradh as do làimh-sa?

A Dhè, thilg thu uat sinn, sgap thu sinn, bha fearg ort. O till thusa rinn!

Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa a tha a chòmhnaidh ann an sgoltaidhean nan creag, ann ad chòmhnaidh àird; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Cò a bheir a‑nuas mi a‑chum an làir?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan