Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 24:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim, cìs Mhaois òglach Dhè, a chuir e air Israel anns an fhàsach, a thoirt a‑steach don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus rinn na h‑uachdarain uile, agus an sluagh uile, gàirdeachas, agus thug iad leo, agus thilg iad anns a’ chiste, gus an do lìonadh i.

Agus ghairm an rìgh Iehoiada an t‑àrd-shagart, agus thubhairt e ris, Carson nach d’iarr thu air na Lèbhithich cìs Mhaois, òglach an Tighearna, a thoirt a‑steach o Iùdah, agus o Ierusalem, agus o choitheanal Israeil, airson pàillean na fianais?

A‑nis ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Phersia, a‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh Phersia, agus thug e fa‑near gairm a bhith air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an sgrìobhadh, ag ràdh,

Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan