An sin air àithne an rìgh rinn iad ciste, agus chuir iad i aig geata taigh an Tighearna air an taobh a‑muigh.
Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim, cìs Mhaois òglach Dhè, a chuir e air Israel anns an fhàsach, a thoirt a‑steach don Tighearna.
Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.