Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 24:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm an rìgh Iehoiada an t‑àrd-shagart, agus thubhairt e ris, Carson nach d’iarr thu air na Lèbhithich cìs Mhaois, òglach an Tighearna, a thoirt a‑steach o Iùdah, agus o Ierusalem, agus o choitheanal Israeil, airson pàillean na fianais?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ioab ris an rìgh, A‑nis gun cuireadh an Tighearna do Dhia ris an t‑sluagh (ge bè ciod an àireamh a tha ann dhiubh) fhathast a cheud uimhir, agus gum faiceadh sùilean mo thighearna an rìgh e; ach carson a tha mo thighearna an rìgh a’ gabhail tlachd anns an nì seo?

Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim, cìs Mhaois òglach Dhè, a chuir e air Israel anns an fhàsach, a thoirt a‑steach don Tighearna.

Ach òrdaichidh tu na Lèbhithich os cionn pàillean na Fianais, agus os cionn a shoithichean uile, agus os cionn nan uile nithean a bhuineas dha: giùlainidh iad am pàillean, agus a shoithichean uile; agus frithealaidh iad dha, agus campaichidh iad mun cuairt air a’ phàillean.

Agus do bhràithrean mar an ceudna de threubh Lèbhi, treubh d’athar, bheir thu leat maille riut, a‑chum is gun ceanglar riut iad, agus gum fritheil iad dhut: ach frithealaidh tusa agus do mhic maille riut air beulaibh pàillean na Fianais.

Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan