Agus ghabh Iehoiada air a shon dà mhnaoi, agus ghin e mic agus nigheanan.
Agus ghabh e còmhnaidh ann am fàsach Phàrain: agus ghabh a mhàthair bean dha à tìr na h‑Eiphit.
Ach thèid thu dom dhùthaich fhèin, agus a‑chum mo luchd-dàimh, agus gabhaidh tu bean dom mhac Isaac.
Agus ghabh Làmech dha fhèin dà mhnaoi: b’e ainm a h‑aoin dhiubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.
Ach dh’fhàs Iehoiada sean, agus bha e làn de làithean, agus fhuair e bàs: ceud agus deich-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a fhuair e bàs.
Agus rinn Iòas an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna rè uile làithean Iehoiada an sagart.
Agus na dhèidh seo bha e ann an inntinn Iòais taigh an Tighearna a chàradh.