Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 24:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis a‑thaobh meud na cìse a thog e, agus mar a rinn e suas taigh Dhè, feuch, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh leabhar nan rìgh. Agus rìghich Amasiah a mhac na àite.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Iehoas rìgh Iùdah na nithean coisrigte uile a choisrig Iehosaphat, agus Iehoram, agus Ahasiah a athraichean, rìghrean Iùdah, agus a nithean coisrigte fhèin, agus an t‑òr uile a fhuaireadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh, agus chuir e a dh’ionnsaigh Hasaeil rìgh Shiria e; agus dh’imich e o Ierusalem.

Oir bhuail Iosachar mac Shimeat, agus Iehosabad mac Shomair a sheirbhisich, e, agus fhuair e bàs; agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Amasiah a mhac na àite.

Amasiah a mhac-san, Asariah a mhac-san, Iotam a mhac-san,

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Abiah, agus a shlighean, agus a bhriathran, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh an fhàidh Ido.

Agus, feuch, gnìomharan Asa, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.

A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann am briathran Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar rìghrean Israeil.

Agus thug an rìgh agus Iehoiada e dhaibhsan a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, agus thuarasdalaich iad luchd-snaithidh chlach agus saoir a chàradh taigh an Tighearna, agus mar an ceudna luchd-obrach ann an iarann agus ann an umha a dhèanamh suas taigh an Tighearna.

Agus is iad seo iadsan a rinn ceannairc na aghaidh: Sabad mac Shimeait a’ bhan-Amonach, agus Iehosabad mac Shimrit a’ bhan-Mhòabach, agus a mhic.

Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha Amasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear-seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan