Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 24:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cha do chuimhnich Iòas an rìgh an coibhneas a rinn Iehoiada a athair ris, ach mharbh e a mhac: agus nuair a bha esan a’ faghail a’ bhàis, thubhairt e, Chì an Tighearna, agus agraidh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.

Agus gu deimhinn fuil ur beatha-se iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthair gach duine iarraidh mi beatha an duine.

Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.

An èirig mo ghràidh tha iad naimhdeil dhomh, agus mi ri ùrnaigh.

Dèan tròcair orm, a Thighearna; amhairc air m’àmhghar a tha mi a’ fulang uapasan lem fuathach mi, O thusa a tha gam thogail suas o gheatachan a’ bhàis;

Ge bè dh’ìocas olc airson maith, cha dealaich olc ra thaigh.

Ach, O Thighearna nan sluagh, a bheir breith gu cothromach, a dhearbhas na h‑àirnean agus an cridhe, faiceam do dhìoghaltas orra; oir dhutsa dh’fhoillsich mi mo chùis.

A chionn gun tàinig fear-millidh na h‑aghaidh, an aghaidh Bhàbiloin; agus ghlacadh a laoich, agus bhriseadh gach aon dem boghachan; oir bheir an Tighearna, Dia na luigheachd, gu cinnteach luigheachd dhise.

O fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo.

Fhreagair Iosa iad, Nochd mi dhuibh mòran obraichean matha om Athair; cia de na h‑obraichean sin airson a bheil sibh gam chlachadh?

Rinn Alecsander an ceàrd-umha iomadh olc orm: gun tugadh an Tighearna dha a rèir a ghnìomharan:

Aig mo chiad fhreagradh cha robh aon neach leam, ach thrèig na h‑uile mi: nar agrar orra e.

A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt-loisgte, no tabhartais-bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas-sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e;

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Cha mhò a nochd iad coibhneas do thaigh Ierubàail, eadhon Gideon, a rèir a’ mhathais sin uile a nochd e do Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan