Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.
Ach gun do rinn thu olc os cionn nan uile a bha romhad, agus gun deachaidh tu agus gun do rinn thu dhut fhèin diathan eile, agus dealbhan leaghte, gu fearg a chur ormsa; agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh:
Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim (a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna),
Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.
Ach gun do ghluais thu ann an slighe rìghrean Israeil, agus gun tug thu air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, cosmhail ri strìopachas taigh Ahaib, agus mar an ceudna gun do mharbh thu do bhràithrean de thaigh d’athar, a b’fheàrr na thu fhèin:
Air an adhbhar sin rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, cosmhail ri taigh Ahaib, oir b’iad sin a chomhairlichean an dèidh bàs a athar, a‑chum a sgrios.
Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e da ionnsaigh fàidh, a thubhairt ris, Carson a dh’iarr thu an dèidh diathan an t‑sluaigh, nach b’urrainn an sluagh fhèin a shaoradh as do làimh-sa?
Agus thubhairt iad riu, Cha toir sibh na braighdean a‑steach an seo; oir bhiodh sin na chionta an aghaidh an Tighearna oirnne. Tha sibhse a’ cur romhaibh tuilleadh a chur ri ar peacaidhean, agus ri ar cionta, nuair a tha ar cionta cheana mòr agus fearg laiste ri Israel.
Uime sin bha fearg an Tighearna ri Iùdah agus ri Ierusalem, agus thug e thairis iad do thuairgne, do uamhann, agus do sgeig, mar a chì sibh le ur sùilean.
A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh; uime sin taomar m’fhearg a‑mach air an àite seo, agus cha mhùchar i.
Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.
Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho-chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta.
Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal-berit na dhia dhaibh fhèin.