Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 24:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh maille ris na rìghrean, a chionn gun do rinn e math ann an Israel, araon a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh a thaighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An sin chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh.

An sin ghairm rìgh Iehoas air Iehoiada an sagart, agus air na sagartan eile, agus thubhairt e riu, Carson nach eil sibh a’ càradh briseadh an taighe? A‑nis, matà, na gabhaibh airgead tuilleadh o luchd ur n‑eòlais, ach thugaibh airson briseadh an taighe e.

Agus bha bràithrean aigesan, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah.

Dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem, agus shiubhail e gun dèidh sam bith air, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha b’ann an àitean-adhlaic nan rìgh.

Ach dh’fhàs Iehoiada sean, agus bha e làn de làithean, agus fhuair e bàs: ceud agus deich-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a fhuair e bàs.

Agus an dèidh bàs Iehoiada, thàinig uachdarain Iùdah, agus rinn iad ùmhlachd don rìgh. An sin dh’èisd an rìgh riu.

Agus rinn Heseciah mar seo air feadh Iùdah uile: agus rinn e an nì sin a bha math, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianais an Tighearna a Dhia.

Cuimhnich orm, O mo Dhia, airson seo, agus na cuir as do shealladh mo dheagh ghnìomharan a rinn mi a‑thaobh taigh mo Dhè agus a‑thaobh a fhairean.

Agus nuair a chuala a dheisciobail sin, thàinig iad agus thog iad a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.

Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh-athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh.

Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan