Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 24:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh den airgead an làthair an rìgh agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean dheth do thaigh an Tighearna, soithichean-frithealaidh nan ìobairtean-loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte a‑ghnàth ann an taigh an Tighearna, rè uile làithean Iehoiada.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall.

Ach dh’fhàg ceannard an fhreiceadain cuid de bhochdan na tìre, gu bhith nan luchd-deasachaidh fhìonainean agus nan treabhaichean.

Agus na h‑aighnean teine, agus na cuachan, na nithean a bha de òr na òr, agus a bha de airgead na airgead, thug ceannard an fhreiceadain air falbh.

Agus a‑chum gach ìobairt-loisgte a thoirt suas don Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha, agus air na fèillean suidhichte, ann an àireamh, a rèir na riaghailt a dh’àithneadh dhaibh a‑ghnàth an làthair an Tighearna.

Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:

Agus dh’obraich an luchd-obrach, agus choileanadh an obair len làimh; agus rinn iad suas taigh an Tighearna cho ceart is a bha e roimhe, agus dhaingnich iad e.

Ach dh’fhàs Iehoiada sean, agus bha e làn de làithean, agus fhuair e bàs: ceud agus deich-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a fhuair e bàs.

Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt-loisgte, agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna:

Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, Tha an sluagh a’ toirt leo tuilleadh gu mòr na nas leòr, a‑chum seirbhis na h‑obrach a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.

Ged phronn thu amadan ann an soitheach-pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich a amaideachd ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan