Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 24:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’obraich an luchd-obrach, agus choileanadh an obair len làimh; agus rinn iad suas taigh an Tighearna cho ceart is a bha e roimhe, agus dhaingnich iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh, Tha Solamh mo mhac òg agus maoth; agus an taigh a tha ri thogail don Tighearna, is còir a dhèanamh mòr agus àrd, a‑chum gum bi e ainmeil, agus na adhbhar uaill air feadh gach uile thìr: uime sin ullaichidh mise fa chomhair. Agus dh’ullaich Daibhidh gu pailt ro a bhàs.

Agus thug an rìgh agus Iehoiada e dhaibhsan a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, agus thuarasdalaich iad luchd-snaithidh chlach agus saoir a chàradh taigh an Tighearna, agus mar an ceudna luchd-obrach ann an iarann agus ann an umha a dhèanamh suas taigh an Tighearna.

Agus nuair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh den airgead an làthair an rìgh agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean dheth do thaigh an Tighearna, soithichean-frithealaidh nan ìobairtean-loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte a‑ghnàth ann an taigh an Tighearna, rè uile làithean Iehoiada.

Ach nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus na h‑Arabaich, agus na h‑Amonaich, agus na h‑Asdodaich, gu robh uile bhallachan Ierusaleim gan cur suas, gun do thòisich na beàrnan ri bhith air an dùnadh, an sin bha fearg mhòr orra,

Agus thàinig na daoine glice uile, a rinn uile obair an ionaid naoimh, gach duine aca o a obair fhèin a bha iad a’ dèanamh;

Cò a tha air fhàgail nur measg a chunnaic an taigh seo na chiad ghlòir? Agus cionnas a tha sibh ga fhaicinn a‑nis? Nach eil e nur sùilean, làimh ri sin, mar neoni?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan