2 Eachdraidh 24:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus rinn na h‑uachdarain uile, agus an sluagh uile, gàirdeachas, agus thug iad leo, agus thilg iad anns a’ chiste, gus an do lìonadh i. Faic an caibideil |
Agus nuair a thugadh a’ chiste a‑steach a dh’ionnsaigh luchd-riaghlaidh an rìgh le làimh nan Lèbhitheach, agus a chunnaic iad gu robh mòran airgid innte, an sin thàinig sgrìobhaiche an rìgh agus fear-riaghlaidh an àrd-shagairt, agus dh’fhalamhaich iad a’ chiste, agus ghabh iad i, agus thug iad air a h‑ais i da h‑àite fhèin. Mar sin rinn iad o là gu là, agus chruinnich iad airgead ann am pailteas.