Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 23:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuartaichidh na Lèbhithich an rìgh air gach taobh, gach fear le a airm na làimh; agus ge bè neach a thig a‑steach don taigh, cuirear gu bàs e: ach bithibh-se maille ris an rìgh, nuair a thig e a‑steach, agus nuair a thèid e a‑mach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ach na tigeadh a‑steach do thaigh an Tighearna ach na sagartan, agus iadsan de na Lèbhithich a fhrithealas: thèid iadsan a‑steach, oir tha iad naomh: ach coimheadaidh an sluagh uile faire an Tighearna.

Agus rinn na Lèbhithich, agus Iùdah uile, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear a dhaoine fhèin a bha gu teachd a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha gu dol a‑mach air an t‑sàbaid; oir cha do leig Iehoiada an sagart air falbh na roinnean.

Ach ma thig duine gu dàn air a choimhearsnach, ga mharbhadh le ceilg, om altair bheir thu e, a‑chum gum bàsaich e.

Agus òrdaichidh tu Aaron agus a mhic, agus feithidh iadsan air dreuchd an t‑sagairt: agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.

Ach iadsan a champaicheas air beulaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an ear, eadhon air beulaibh pàillean a’ choitheanail leth ri èirigh na grèine, is iad Maois, agus Aaron, agus a mhic, a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh, airson cùram chloinn Israeil; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan