Agus rinn an coitheanal uile coicheangal ris an rìgh ann an taigh Dhè: agus thubhairt e riu, Feuch, rìoghaichidh mac an rìgh, mar a thubhairt an Tighearna mu mhic Dhaibhidh.
Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.
Agus nuair a choileanar do làithean, agus a chaidleas tu maille rid athraichean, togaidh mi suas do shliochd ad dhèidh, a thig a‑mach à d’innibh; agus daingnichidh mi a rìoghachd.
A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.
An sin daingnichidh mise cathair do rìoghachd air Israel gu bràth, mar a labhair mi ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine air rìgh-chathair Israeil.
Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar an Tighearna agus an rìgh agus an sluagh gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna; mar an ceudna eadar an rìgh agus an sluagh.
Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil.
Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth.
A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil, ma choimheadas a‑mhàin do chlann an slighe, a’ gluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa am fhianais.
An sin daingnichidh mise rìgh-chathair do rìoghachd, mar a rinn mi coicheangal ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort gu bhith na uachdaran ann an Israel.