Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 23:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shuidhich Iehoiada luchd-riaghlaidh taigh an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lèbhitheach, a roinn Daibhidh ann an taigh an Tighearna, a‑chum ìobairtean-loisgte an Tighearna ìobradh, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, le gàirdeachas agus le seinn, a rèir òrdagh Dhaibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Oir thubhairt Daibhidh, Tha an Tighearna Dia Israeil air toirt fois da shluagh, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem gu bràth.

Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.

Agus dh’àithn Heseciah an ìobairt-loisgte ìobradh air an altair: agus nuair a thòisich an ìobairt-loisgte, thòisich mar an ceudna laoidh an Tighearna leis na trompaidean, agus le innealan Dhaibhidh rìgh Israeil.

Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear-seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

An sin dh’èirich na sagartan agus na Lèbhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala Dia an guth, agus thàinig an ùrnaigh suas da àite-còmhnaidh naomh-san, do nèamh.

Agus shuidhich e na sagartan nan cùram, agus thug e misneach dhaibh a‑chum seirbhis taigh an Tighearna.

Agus thug iad suas an àirc, agus pàillean a’ choitheanail, agus na soithichean naomha uile a bha anns a’ phàillean: thug na sagartan agus na Lèbhithich iad sin suas.

Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.

Agus chùm iad fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le aoibhneas: oir rinn an Tighearna aoibhinn iad agus thionndaidh e cridhe rìgh Asiria dan ionnsaigh, a neartachadh an làmhan ann an obair taigh Dhè, Dia Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan