Agus chaidh an sluagh uile a‑steach do thaigh Bhàail, agus leag iad sìos e, agus bhris iad a altairean agus a dhealbhan gu tur, agus mharbh iad Matan sagart Bhàail fa chomhair nan altair.
Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin.
Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre.
Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh.
Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem.
Agus leagaidh sibh sìos an altairean, agus brisidh sibh an carraighean, agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an diathan, agus sgriosaidh sibh an ainm a‑mach as an àite sin.