Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 23:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad comas dhi; agus nuair a thàinig i gu dol a‑steach geata nan each aig taigh an rìgh, mharbh iad an sin i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin.

Agus nuair a chunnaic Ataliah, màthar Ahasiah, gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail taigh Iùdah.

An sin dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardan-cheud a chuireadh os cionn an t‑slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a‑mach i an taobh a‑muigh de na sreathan; agus ge bè neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuiribh gu bàs i ann an taigh an Tighearna.

O thaobh shuas geata nan each chàraich na sagartan, gach aon fa chomhair a thaighe.

Sgriosaidh tu luchd-labhairt bhreug; is gràin leis an Tighearna an duine fuileachdach agus cealgach.

Ach tilgidh tusa, a Dhè, sìos iad gu sloc an sgrios; cha mhair daoine fuileachdach agus cealgach leth an làithean; ach cuiridh mise mo dhòigh annadsa.

Agus gleann nan corp marbha gu h‑iomlan, agus na luaithre, agus na machraichean uile gu sruthan Chidroin, gu oisinn geata nan each an taobh an ear, bidh iad naomh don Tighearna: cha spìonar a‑nìos, agus cha tilgear sìos e nas mò gu bràth.

Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i.

Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.

Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan