Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 23:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardan-cheud a chuireadh os cionn an t‑slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a‑mach i an taobh a‑muigh de na sreathan; agus ge bè neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuiribh gu bàs i ann an taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte ìobradh, thubhairt Iehu ris an fhreiceadan, agus ris na ceannardan, Rachaibh a‑steach, buailibh iad, na tigeadh duine dhiubh a‑mach. Agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus thilg am freiceadan agus na ceannardan a‑mach iad, agus chaidh iad gu baile taigh Bhàail.

Ach dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardan-cheud, a chuireadh os cionn an t‑slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a‑mach i an taobh a‑muigh de na sreathan; agus ge bè neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuirear gu bàs i ann an taigh an Tighearna.

Agus cuartaichidh sibh an rìgh air gach taobh, gach fear le a airm na làimh: agus esan a thig an taobh a‑staigh de na sreathan, marbhar e; agus bithibh-se maille ris an rìgh nuair a thèid e a‑mach, agus nuair a thig e a‑steach.

Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd-seinn le innealan-ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill!

Agus thug iad comas dhi; agus nuair a thàinig i gu dol a‑steach geata nan each aig taigh an rìgh, mharbh iad an sin i.

Ach ma thig duine gu dàn air a choimhearsnach, ga mharbhadh le ceilg, om altair bheir thu e, a‑chum gum bàsaich e.

Agus thubhairt e riu, Truaillibh an taigh, agus lìonaibh na cùirtean leis na mairbh; rachaibh a‑mach: agus chaidh iad a‑mach, agus mharbh iad anns a’ bhaile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan