2 Eachdraidh 23:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd-seinn le innealan-ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill! Faic an caibideil |
Agus sheas an rìgh làimh ri post; agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh iad an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh iad a àitheantan, agus a theisteis, agus a reachdan len uile chridhe, agus len uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail seo, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: agus sheas an sluagh uile ris a’ choicheangal.
A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel.
Agus sheas an rìgh na àite fhèin, agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh e an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh e a àitheantan, agus a theisteis agus a reachdan, le a uile chridhe agus le a uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.
Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach air slighe sgàth-thaigh a’ gheata an taobh a‑muigh, agus seasaidh e aig ursann a’ gheata, agus deasaichidh na sagartan a thabhartas-loisgte, agus a thabhartasan-sìthe, agus nì e adhradh aig stairsnich a’ gheata: an sin thèid e a‑mach, ach cha druidear an geata gu anmoch.