Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 23:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala Ataliah fuaim an t‑sluaigh a’ ruith cuideachd, agus a’ moladh an rìgh, thàinig i a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh a‑steach do thaigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd-seinn le innealan-ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan