Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 23:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus sheas mi air, agus mharbh mi e, a chionn gu robh fhios agam nach biodh e beò an dèidh dha tuiteam; agus ghabh mi an crùn a bha air a cheann, agus an làmh-fhail a bha air a ghàirdean, agus thug mi an seo iad a dh’ionnsaigh mo thighearna.

Agus nuair a thàinig Husai an t‑Arcach, caraid Dhaibhidh, a dh’ionnsaigh Absaloim, thubhairt Husai ri Absalom, Guma fada beò an rìgh, guma fada beò an rìgh.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.

Oir chaidh e sìos an‑diugh, agus mharbh e buar, agus sprèidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor; agus thug e cuireadh do mhic an rìgh uile, agus do cheannardan an t‑slòigh, agus do Abiatar an sagart; agus, feuch, tha iad ag ithe agus ag òl na làthair, agus their iad, Guma fada beò an rìgh Adoniah,

Agus ungadh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, an sin e na rìgh air Israel: agus sèidibh-se an trompaid, agus abraibh, Guma fada beò rìgh Solamh.

Agus thug Sadoc an sagart còrn ola as a’ phàillean, agus dh’ung e Solamh; agus shèid iad an trompaid, agus thubhairt an sluagh uile, Guma fada beò rìgh Solamh.

Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Agus ghabh Iehosabet, nighean an rìgh, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean. Mar sin dh’fhalaich Iehosabet, nighean rìgh Iehoraim, bean Iehoiada an sagart, e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor is nach do mharbh i e.

Agus chuir e an sluagh uile, gach fear le a ghath na làimh, o thaobh deas an taighe gu ruig taobh clì an taighe, làimh ris an altair agus an taigh, mun cuairt air an rìgh.

Agus nuair a chuala Ataliah fuaim an t‑sluaigh a’ ruith cuideachd, agus a’ moladh an rìgh, thàinig i a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh a‑steach do thaigh an Tighearna.

Eididh mi a naimhdean le nàire, ach air fhèin thig a choron fo bhlàth.

Oir ghabh thu roimhe le beannachadh do mhaitheis; chuir thu ma cheann coron de òr fìorghlan.

Oir chuir e suas teisteas ann an Iàcob, agus shuidhich e lagh ann an Israel, a dh’àithn e dar n‑athraichean gun dèanadh iad aithnichte dan cloinn;

Fhuair mi Daibhidh m’òglach; lem ola naoimh dh’ung mi e,

Sgaoil thu coicheangal d’òglaich; thruaill thu a choron, ga thilgeadh gu làr.

Agus cuiridh tu anns an àirc an Fhianais a bheir mise dhut.

Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair suas air an àirc, agus anns an àirc cuiridh tu an Fhianais a bheir mise dhut.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus bidh rìghrean nan oideachan-altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean-altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa.

Ceangail suas an fhianais, seulaich an lagh am measg mo dheisciobal-sa.

Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.

Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Agus bha a shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran chrùn; agus bha ainm aige sgrìobhte, nach b’aithne do neach sam bith ach e fhèin;

Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh,

Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.

An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin?

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh uile, Am faic sibh esan a thagh an Tighearna, nach eil neach cosmhail ris am measg an t‑sluaigh uile? Agus rinn an sluagh uile iolach, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan