Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 23:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e an sluagh uile, gach fear le a ghath na làimh, o thaobh deas an taighe gu ruig taobh clì an taighe, làimh ris an altair agus an taigh, mun cuairt air an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus sheas am freiceadan, gach fear le a airm na làimh, mun cuairt air an rìgh, o thaobh deas an taighe gu ruig taobh clì an taighe, làimh ris an altair agus an taigh.

Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Agus thug Iehoiada an sagart do na ceannardan-cheud sleaghan, agus sgiathan, agus targaidean, a bha aig rìgh Daibhidh, a bha ann an taigh Dhè.

Agus sheas e ro altair an Tighearna, an làthair uile choitheanail Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan:

Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail.

Cha mhò a theannaicheas aon air aon eile; coisichidh iad gach aon na cheum fhèin: agus ma thuiteas iad air a’ chlaidheamh, cha bhi iad air an leònadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan