Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 22:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ghluais e mar an ceudna a rèir an comhairle, agus chaidh e maille ri Iehoram, mac Ahaib rìgh Israeil, a chogadh an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria ann an Ramot-gilead: agus lot na Sirianaich Ioram.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

(Agus thubhairt rìgh Israeil ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gur leinne Ramot ann an Gilead? Agus gidheadh tha sinn gun ghuth againn air a ghlacadh à làimh rìgh Shiria.)

Mac Ghebeir ann an Ramot-gilead; dhàsan bhuineadh bailtean Iair mhic Mhanaseh, a tha ann an Gilead; dhàsan mar an ceudna bhuineadh tìr Argoib, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr le ballachan agus le crainn umha:

A‑nis thòisich Iehoram mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria, anns an ochdamh-bliadhna-deug de Iehosaphat rìgh Iùdah, agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug.

Agus dh’fhalbh Hasael na choinneamh, agus ghabh e tìodhlac na làimh, eadhon de gach nì math a bha ann an Damascas, èire dà‑fhichead càmhal: agus thàinig e, agus sheas e na làthair, agus thubhairt e, Chuir do mhac Ben-hadad, rìgh Shiria, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, An tig mi on tinneas seo?

Agus ghairm Elisa am fàidh air aon de mhic nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an còrn ola seo ann ad làimh, agus imich gu Ramot-gilead.

Agus thubhairt Ahab rìgh Israeil ri Iehosaphat rìgh Iùdah, An tèid thu maille riumsa do Ramot-gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar a tha thusa, agus mo shluagh-sa mar do shluagh-sa, agus bidh sinn leat anns a’ chogadh.

Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Is e seo rìgh Israeil: uime sin thàinig iad mun cuairt air a chogadh. Ach ghlaodh Iehosaphat a‑mach, agus chuidich an Tighearna leis, agus dh’aom Dia iad gu falbh uaithe.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Agus thill e gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug iad dha ann an Ramah, nuair a chòmhraig e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria. Agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn.

Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid:

Agus thusa a mhac, O Bhelsasair, cha d’ìslich thu do chridhe, ged bha fhios agad air seo uile:

Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn-sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan