Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 22:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ghluais esan mar an ceudna ann an slighean taigh Ahaib; oir b’i a mhàthair a chomhairliche a dhèanamh uilc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus ghluais e ann an slighe taigh Ahaib, agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn taigh Ahaib: oir bu chliamhain do thaigh Ahaib e.

Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Ahasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri.

Air an adhbhar sin rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, cosmhail ri taigh Ahaib, oir b’iad sin a chomhairlichean an dèidh bàs a athar, a‑chum a sgrios.

Agus an dèidh bàs Iehoiada, thàinig uachdarain Iùdah, agus rinn iad ùmhlachd don rìgh. An sin dh’èisd an rìgh riu.

Oir bhris mic na droch mhnà Ataliah sìos taigh Dhè; agus mar an ceudna uile nithean coisrigte taigh an Tighearna thug iad seachad do Bhàalim.

Ach dh’imich e ann an slighean rìghrean Israeil, agus mar an ceudna rinn e dealbhan leaghte do Bhàalim.

Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige.

An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:

Ach fhreagair Peadar, agus Eòin agus thubhairt iad riu, A bheil e ceart ann am fianais Dhè, èisdeachd ribhse ro Dhia, thugaibh fhèin breith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan