Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 22:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Iehosabet, nighean an rìgh, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean. Mar sin dh’fhalaich Iehosabet, nighean rìgh Iehoraim, bean Iehoiada an sagart, e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor is nach do mharbh i e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Togaidh esan taigh dom ainm-sa, agus daingnichidh mise rìgh-chathair a rìoghachd gu bràth.

Gidheadh, air sgàth Dhaibhidh thug an Tighearna a Dhia lòchran dha ann an Ierusalem, a chur a mhic suas na dhèidh, agus a dhaingneachadh Ierusaleim:

Ach ghabh Iehoseba, nighean rìgh Ioraim, piuthar Ahasiah, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean: agus dh’fhalaich iad e o Ataliah air chor is nach do mharbhadh e,

Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth.

Agus nuair a chunnaic Ataliah, màthar Ahasiah, gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail taigh Iùdah.

Agus bha e maille riu am falach ann an taigh Dhè rè sia bliadhna; agus Ataliah a’ rìoghachadh os cionn na tìre.

Agus anns an t‑seachdamh bliadhna neartaich Iehoiada e fhèin, agus ghabh e na ceannardan-cheud, Asariah mac Ierohaim, agus Ismael mac Iehohanain, agus Asariah mac Obeid, agus Maaseiah mac Adaiah, agus Elisaphat mac Shichri, a‑steach ann an coicheangal ris.

Rinn an Tighearna comhairle nan cinneach faoin; thug e innleachdan an t‑sluaigh gu neoni.

Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhut; fuidheall na feirge caisgidh tu.

Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar-leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair-fhuinidh.

Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.

Mar seo deir an Tighearna, Amhail a gheibhear am fìon nuadh anns a’ bhagaide, agus a their neach, Na mill e, oir tha beannachadh ann; mar sin nì mise air sgàth mo sheirbhiseach; cha sgrios mi an t‑iomlan.

A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan