Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 22:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Ataliah, màthar Ahasiah, gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail taigh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

A‑nis matà, leig dhòmhsa, guidheam ort, comhairle a thabhairt ort, a‑chum gun saor thu d’anam fhèin, agus anam Sholaimh do mhac.

Oir, mura innis, tàrlaidh nuair a chaidleas mo thighearna an rìgh maille ra athraichean, gum measar mise agus mo mhac Solamh nar ciontaich.

Agus ghabh Iehosabet, nighean an rìgh, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean. Mar sin dh’fhalaich Iehosabet, nighean rìgh Iehoraim, bean Iehoiada an sagart, e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor is nach do mharbh i e.

Agus thug iad comas dhi; agus nuair a thàinig i gu dol a‑steach geata nan each aig taigh an rìgh, mharbh iad an sin i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan