Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 22:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah, a mhac a b’òige, na rìgh na àite: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h‑Arabaich don champ na mic a bu shine uile. Agus rìghich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Thachair Iehu air bràithrean Ahasiah rìgh Iùdah, agus thubhairt e, Cò sibhse? Agus thubhairt iadsan, Is sinne bràithrean Ahasiah, agus tha sinn a’ dol sìos a chur fàilte air cloinn an rìgh, agus air cloinn na bànrighinn.

Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de Ioram mac Ahaib, rìgh Israeil, thòisich Iehoram, mac Iehosaphait, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.

Agus ghairm Elisa am fàidh air aon de mhic nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an còrn ola seo ann ad làimh, agus imich gu Ramot-gilead.

Ioram a mhac-san, Ahasiah a mhac-san, Iòas a mhac-san,

Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Ahasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri.

Agus rinn an coitheanal uile coicheangal ris an rìgh ann an taigh Dhè: agus thubhairt e riu, Feuch, rìoghaichidh mac an rìgh, mar a thubhairt an Tighearna mu mhic Dhaibhidh.

Agus ghlac Iòas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah mac Iòais, mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thug e e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim, o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille.

Agus ghabh sluagh Iùdah uile Udsiah, agus e sia-bliadhna-deug a dh’aois, agus rinn iad e na rìgh an àit a athar Amasiah.

Ach mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite.

Agus ghabh sluagh na tìre Iehoahas mac Iosiah, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar ann an Ierusalem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan