2 Eachdraidh 21:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth. Faic an caibideil |
Agus ghabh Iehosabet, nighean an rìgh, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean. Mar sin dh’fhalaich Iehosabet, nighean rìgh Iehoraim, bean Iehoiada an sagart, e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor is nach do mharbh i e.