Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 21:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’èirich Iehoram suas gu rìoghachd a athar, agus a dhaingnich e e fhèin, mharbh e a bhràithrean uile leis a’ chlaidheamh, agus mar an ceudna cuid de uachdarain Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e.

A‑nis matà, leig dhòmhsa, guidheam ort, comhairle a thabhairt ort, a‑chum gun saor thu d’anam fhèin, agus anam Sholaimh do mhac.

Ach gun do ghluais thu ann an slighe rìghrean Israeil, agus gun tug thu air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, cosmhail ri strìopachas taigh Ahaib, agus mar an ceudna gun do mharbh thu do bhràithrean de thaigh d’athar, a b’fheàrr na thu fhèin:

Agus thàinig iad a‑nìos gu Iùdah, agus bhris iad a‑steach innte, agus thug iad leo a’ mhaoin uile a fhuaireadh ann an taigh an rìgh, agus mar an ceudna a mhic agus a mhnathan; air chor is nach d’fhàgadh mac aige ach Ahasiah a mhac a b’òige.

Agus nuair a chunnaic Ataliah, màthar Ahasiah, gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail taigh Iùdah.

Agus nuair a bha Iehu a’ dèanamh breitheanais air taigh Ahaib, agus a fhuair e uachdarain Iùdah, agus mic bràithrean Ahasiah, a fhritheil do Ahasiah, mharbh e iad.

A‑nis nuair a dhaingnicheadh an rìoghachd dha, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an rìgh a athair.

Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta.

Agus chaidh e gu taigh a athar ann an Ophrah, agus mharbh e a bhràithrean, mic Ierubàail, eadhon deichnear agus trì-fichead fear, air aon chloich: gidheadh, dh’fhàgadh Iotam, am mac a b’òige aig Ierubàal; oir dh’fhalaich e e fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan