Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 21:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha bràithrean aigesan, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An sin dh’irioslaich uachdarain Israeil agus an rìgh iad fhèin, agus thubhairt iad, Tha an Tighearna ceart.

Agus nuair a dh’èirich Iehoram suas gu rìoghachd a athar, agus a dhaingnich e e fhèin, mharbh e a bhràithrean uile leis a’ chlaidheamh, agus mar an ceudna cuid de uachdarain Israeil.

Agus chaidh iad mun cuairt ann an Iùdah, agus chruinnich iad na Lèbhithich a‑mach à uile bhailtean Iùdah, agus cinn athraichean Israeil, agus thàinig iad gu Ierusalem.

Agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh maille ris na rìghrean, a chionn gun do rinn e math ann an Israel, araon a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh a thaighe.

Agus chruinnich e ri chèile na sagartan agus na Lèbhithich, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑mach do bhailtean Iùdah, agus cruinnichibh o Israel uile airgead a chàradh taigh ur Dè o bhliadhna gu bliadhna, agus faicibh gun dèan sibh cabhag anns a’ ghnothach. Gidheadh cha do rinn na Lèbhithich cabhag.

Oir rinn an Tighearna Iùdah ìosal airson Ahais rìgh Iùdah, a chionn gun do rinn e Iùdah lomnochd, agus gun do rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna.

Oir dh’ìobair e do dhiathan Dhamascais a bhuail e, agus thubhairt e, A chionn gun cuidich diathan rìghrean Shiria leo, ìobraidh mise dhaibh a‑chum gun cuidich iad leamsa: ach is ann a bha iad nan adhbhar sgrios dha fhèin, agus do Israel uile.

Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e anns a’ bhaile, ann an Ierusalem; ach cha tug iad e do àitean-adhlaic rìghrean Israeil; agus rìghich Heseciah a mhac na àite.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus a ùrnaigh ra Dhia, agus briathran nam fear-seallaidh a labhair ris ann an ainm an Tighearna Dia Israeil, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil.

Agus cha do chumadh a leithid sin de chàisg ann an Israel o làithean Shamueil am fàidh: cha mhò a chùm uile rìghrean Israeil a leithid de chàisg is a chùm Iosiah, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus Iùdah agus Israel uile a bha an làthair, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan