Agus na dhèidh seo uile, bhuail an Tighearna e na mhionach le eucail nach gabhadh leigheas.
Agus dh’fhalbh Nàtan da thaigh fhèin: agus bhuail an Tighearna an leanabh a rug bean Uriah do Dhaibhidh, agus bha e ro‑thinn.
Agus anns an aon-bhliadhna-deug de Ioram mac Ahaib, thòisich Ahasiah air rìoghachadh os cionn Iùdah.
Agus bidh tu ann an tinneas mòr le eucail do mhionaich, gus an tuit do mhionach a‑mach leis an eucail, o là gu là.
Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.