Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 21:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh tu ann an tinneas mòr le eucail do mhionaich, gus an tuit do mhionach a‑mach leis an eucail, o là gu là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Feuch, buailidh an Tighearna le plàigh mhòir do shluagh, agus do chlann, agus do mhnathan, agus do mhaoin uile:

Mar a chuir e mallachadh uime mar aodach, thigeadh e a‑steach mar uisge na chom, agus mar ola na chnàmhan.

Agus nuair a bheir e oirre an t‑uisge òl, an sin tàrlaidh, ma thruailleadh i, agus ma rinn i coire an aghaidh a fir-phòsda, gun tèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh, agus ataidh a brù, agus lobhaidh a sliasaid: agus bidh a’ bhean na mallachadh am measg a sluaigh.

A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.

Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.

Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas.

Agus bidh tu ad uamhas, ad shamhladh, agus ad lethfhacal, am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearna thu.

An sin nì an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach.

Mar an ceudna gach tinneas agus gach plàigh, nach eil sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, iad sin bheir an Tighearna ort, gus an sgriosar thu.

Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan