Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 21:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig sgrìobhadh da ionnsaigh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighean Iehosaphait, d’athair, no ann an slighean Asa rìgh Iùdah,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Asa an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair.

Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.

Agus ghluais e ann an uile shlighean Asa a athair; cha do chlaon e uapa, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: gidheadh, cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda, oir fhathast dh’ìobair an sluagh, agus loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda.

Agus thachair, nuair a bha an Tighearna gu Eliah a thogail suas le iomaghaoith do na nèamhan, gun deachaidh Eliah maille ri Elisa o Ghilgal.

Agus nuair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh agus a’ còmhradh, feuch, carbad teine, agus eich theine, agus dhealaich iad o chèile iad: agus chaidh Eliah suas le iomaghaoith do na nèamhan.

Agus chaidil Abiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Asa a mhac na àite. Na làithean-san bha an tìr sàmhach deich bliadhna.

Gabh dhut clàr-sgrìobhaidh, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh nan uile chinneach, on là anns an do labhair mi riut ann an làithean Iosiah, eadhon gus an là‑an‑diugh.

Agus thàrladh nuair a leugh Iehudi trì no ceithir earrannan, gun do gheàrr e leis an sgein-phinn e, agus thilg e anns an teine a bha air an teinntean e, gus an robh an clàr gu h‑iomlan air a chaitheamh anns an teine a bha air an teinntean.

Anns an uair sin fhèin thàinig a‑mach meòir làmh duine, agus sgrìobh iad thall fa chomhair a’ choinnleir, air aghaidh balla lùchairt an rìgh; agus chunnaic an rìgh a’ chuid den làimh a sgrìobh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan